136: Seanfhaclan (2)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Seanfhaclan (2)
Tha caraid dhomh ag ionnsachadh na Gàidhlig. Agus tha e fhèin is a bhean a’ dèanamh oidhirp mhòr. ’S ann ann an Gàidhlig a bhios iad a’ bruidhinn ri chèile mar as trice, agus tha iad a’ togail an cuid cloinne le Gàidhlig mar phrìomh chànan – is tha Gàidhlig mhath dha-rìreabh acasan. B’ fheàrr leam gu robh barrachd de a leithid ann an Alba!
Thàinig mo charaid thugam an là eile agus dh’innis e dhomh gun tuirt fear, a tha a’ fuireach anns an aon bhaile ris, agus a bhuineas don Eilean Sgitheanach, rudeigin ris ann an Gàidhlig nach do thuig e. Thuirt am fear eile, “’S ann dhutsa a rug an cat an cuilean.” ’S ann dhutsa a rug an cat an cuilean. “Uill,” thuirt mo charaid rium, “dè tha sin a’ ciallachadh?!” Cha robh e cinnteach idir co-dhiù bha am fear eile ga chàineadh no ga mholadh!
Agus, tha an Gnàthas-cainnt seo rudeigin neònach, nach eil? Dè a’ Bheurla a chuireadh sibh air? Uill, tha e agam an seo ann an cruinneachadh de ghnàthsan-cainnt à Leòdhas, a chaidh a chur ri chèile le Donnchadh Dòmhnallach a bha na Mhaighstir-sgoile ann an Sgoil Shanndabhaig ann an naoi deug, trithead ’s a dha (1932). ’S e an t-eadar-theangachadh a thug esan – you were born with a silver spoon in your mouth. Bha thu gu math fortanach. Rinn an cat rudeigin dhut nach tachradh ach glè glè ainneamh!
Tha fhios againn uile gur e piseagan a bhios cat a’ breith, seach cuileanan. Ach cha bhi am facal cuilean an-còmhnaidh a’ ciallachadh cù òg. Uaireannan bidh e a’ ciallachadh beathach òg de sheòrsa eile, co-dhiù de mhamail eile. Mar eisimpleir, canaidh sinn cuilean-ròin airson ròn òg, cuilean-leòmhainn airson leòmhann òg agus cuilean-maighich airson maigheach òg.
Is bidh sinn uaireannan a’ cleachdadh an fhacail ann an co-cheangal ri daoine. Seo mar a nochdas e ann an seann leabhar, ris an canar “Leabhar nan Cnoc”, a chaidh a sgrìobhadh leis an Ollamh Urramach Tormod MacLeòid ann am meadhan an naoidheamh linn deug. Anns an earrainn seo, tha Màiri a’ Ghlinne a’ dèanamh iomradh air a h-athair: ‘Is minig a chanadh e rium, ’s na deòir a’ tuiteam gu frasach: “A Mhàiri, a chuilean mo rùin, chan eil thusa mar bu mhiann le d’ athair.”’
Tha fhios nach dèanadh sibh eadar-theangachadh air “cuilean” anns an t-seadh sin mar “puppy”. ’S e a th’ ann an “cuilean mo rùin” ach, mar a chanas faclair Dwelly, a “term of familiar endearment.”
Nise, tha e inntinneach gu bheilear a’ cleachdadh ann an cuid de sgìrean facal eile an àite cuilean airson beathaichean òga ainmeachadh – isean. Mar as trice tha isean a’ ciallachadh eun òg ach faodaidh e cuideachd a bhith air a chleachdadh airson mamailean òga. Mar eisimpleir, canaidh cuid “isean ròin” airson ròn òg agus “isean cait” airson piseag. Agus ann am pàirtean de Leòdhas canaidh daoine isean ri eun sam bith, sean no òg.
Agus ann am mòran sgìrean bithear a’ cantainn “isean” ri daoine cuideachd – gu h-àraidh ri clann òg. Uaireannan tha e a’ sealltainn gu bheil gràdh aig an neach-labhairt air an leanabh. Ach, uaireannan eile, bidh daoine ag ràdh “droch isean” ri pàiste nach eil idir math no modhail. Nan robh athair Màiri a’ Ghlinne air a bhith na bu chrosta le nighinn dh’fhaodadh e seo a ràdh rithe: ‘A Mhàiri, chan eil thusa mar bu mhiann le d’ athair. ’S e fìor dhroch isean a th’ annad.’ Ach ’s dòcha gur ann bho shùilean Màiri a bhiodh na deòir a’ tuiteam gu frasach an uairsin!
Faclan na Litreach: Sgoil Shanndabhaig: Sandwick School; an-còmhnaidh: always; mamail: mammal; ròn: seal; leòmhann: lion; maigheach: hare; gràdh: love; neach-labhairt: speaker; Màiri a’ Ghlinne: Mary of the Glen.
Abairtean na Litreach: B’ fheàrr leam gu robh barrachd de a leithid ann an Alba: I wish there were more of the same in Scotland; ’s ann dhutsa a rug an cat an cuilean:lit. it is for you the cat gave birth to the puppy (see text of Litir for interpretation); co-dhiù bha am fear eile ga chàineadh no ga mholadh:whether the other man was criticising or praising him; tha e agam an seo ann an cruinneachadh de ghnàthsan-cainnt à Leòdhas:I have it here in a collection of Gaelic idiom(s) from Lewis; rinn an cat rudeigin dhut nach tachradh ach glè glè ainneamh:the cat did something for you that would only happen very rarely; gur e piseagan a bhios cat a’ breith: that it is kittens to which cats give birth; ann an co-cheangal ri daoine: in connection with people; is minig a chanadh e rium, ’s na deòir a’ tuiteam gu frasach: often he would say to me, and the tears falling in showers; canaidh daoine isean ri eun sam bith, sean no òg:people call any bird, old or young, an “isean”; ’s e fìor dhroch isean a th’ annad: you are a real bad egg (the Gaelic takes the biological imagery to the next developmental stage!); gur ann bho shùilean Màiri a bhiodh na deòir a’ tuiteam: that it is from Mary’s eyes that the tears would fall.
Puing-ghràmair na Litreach: Tha caraid dhomh ag ionnsachadh na Gàidhlig: a friend of mine is learning Gaelic. You may have been taught by textbooks that the way to express “possession” of a friend in such a manner is either by the use of the possessive adjective, mo ie mo charaid, or with the preposition aig ie caraid agam. I could have said above tha caraid agam ag ionnsachadh na Gàidhlig and it would have meant the same thing.But you will often meet the preposition “do” being used in the same way. Here are two other examples: ’s e caraid dha a th’ innte(she is a friend of his); ’s e piuthar dhi a th’ ann an Ealasaid(Elizabeth is her sister). In some dialects of Gaelic you will similarly meet do being used instead of aig in such expressions as chan eil fhios dhomh (or domh) instead of chan eil fhios agam.
Gnàthas-cainnt na Litreach: A Mhàiri, chan eil thusa mar bu mhiann le d’ athair: Mary, you are not as your father would wish.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn