FaclairDictionary EnglishGàidhlig

134: Ailig O Hianlaidh

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Ailig O Hianlaidh

Gaelic Gàidhlig

Tha bliadhna thrang air a bhith aig Ailig O Hianlaidh. Mura h-eil sibh eòlach air, ma tha ùidh agaibh ann am poileataics, gu h-àraidh ann am Pàrlamaid na h-Alba, ’s iongantach mura bi sibh a’ conaltradh ri Ailig ann an dòigh air choreigin anns an ùine romhainn, oir is esan Oifigear Gàidhlig na Pàrlamaid. Agus tha na Gàidheil, is na meadhanan Gàidhlig gu sònraichte, a’ dèanamh feum mòr dheth.

Tha Ailig air a bhith na dhreuchd a-nise airson bliadhna agus ’s iomadh rud a dh’eadar-theangaich e, no a sgrìobh e bho thùs, airson luchd na Gàidhlig thairis air an ùine sin. Tha feadhainn dhiubh sin air mo bheulaibh an-dràsta – bileagan no, gu dearbh, leabhrain air a bheil rudan mar “Thu Fhèin agus na BPA agad” no “Atharrachaidhean ri Bilean Riaghaltais: Stiùireadh do bhuidhnean agus daoine bhon taobh a-muigh”. Tha leabhran ann a tha a’ toirt “Fiosrachadh do Luchd-fianais a tha a’ nochdadh air beulaibh chomataidhean” agus fear eile air “Mar a tha Pàrlamaid na h-Alba ag obair”.

Nise, chleachd mi na litrichean BPA. Tha iad a’ seasamh airson Ball Pàrlamaid na h-Alba. Mar sin, tha iad co-ionann ri MSP ann am Beurla – Member of the Scottish Parliament. Coimheadamaid a-rithist air tiotal an leabhrain anns a bheil BPA a’ nochdadh – “Thu Fhèin agus na BPA agad”. Tha dà rud a’ tighinn am follais. Anns a’ chiad dol a-mach, tha BPA cuideachd a’ seasamh airson barrachd na aon duine – Buill Pàrlamaid na h-Alba. Chan eil diofar ann mar a tha ann am Beurla eadar MSP singilte agus MSPs iolra.

’S e an dàrna rud as fhiach rudeigin a ràdh mu dheidhinn gu bheil an leabhar ag ràdh “na BPA agad”. Ann am Pàrlamaid na h-Alba, tha còrr is aon bhall pàrlamaid aig gach duine, oir tha na buill air an taghadh ann an dà dhòigh. Tha feadhainn nam Buill Roinne-Pàrlamaid. Tha iad a’ seasamh airson aon sgìre bheag agus tha daoine a’ bhòtadh gu dìreach air an son. Tha feadhainn eile air an taghadh le siostam air a bheil mòran eòlach mar “siostam PR” – far a bheil feadhainn a’ faighinn a-staigh mar Bhuill-Liosta ann an sgìre mhòr – mar sgìre na Gàidhealtachd ’s nan Eilean. Agus, mura h-eil sibh eòlach air a’ Ghàidhlig airson PR no “Proportional Representation”, seo e, bho Fhaclair na Pàrlamaid: Siostam Riochdachaidh Co-roinneil.

Mura h-eil mòran ùidh agaibh ann am poileataics an là an-diugh, ach ma tha ùidh agaibh ann an eachdraidh na h-Alba, chanainn gun gabhadh sibh tlachd bho bhith a’ leughadh leabhran eile air an do rinn Ailig O Hianlaidh obair. ’S e sin am fear air a bheil “An Dualchas Phàrlamaideach Albannach”. Tha sin a’ coimhead air rudan mar a’ chiad phàrlamaid aig Alba, an t-Ath-Leasachadh, Cunnradh an Aonaidh agus Linn Westminster.

Seo pìos dheth agus tha mi a’ dol a chur ceist oirbh aig an deireadh: “Chunnaic pàrlamaidean na h-Alba troimhe-chèile, briseadh agus sgaoileadh eadhon mus tàinig an t-Aonadh ann an 1707. Às dèidh na bliadhna sin bha pàirt chudromach aig Alba ann am Pàrlamaid na RA ann an Westminster.” ’S e a’ cheist agam – dè tha na litrichean “RA” a’ seasamh air a shon? Innsibh mi dhuibh anns an ath-litir.

Ach feumaidh mi aideachadh gun do sgrìobh Ailig aon rud a chuir gàire air m’ aghaidh, ann an ro-ràdh ann am fear de na leabhrain. Sgrìobh e: “Tha pàrlamaid air a dèanamh suas le riochdairean taghte…” Tha sin ceart, ach tha cuid anns a’ choimhearsnachd nach canadh “taghte” idir ann an co-cheangal rin cuid riochdairean anns a’ phàrlamaid!

Faclan na Litreach: Oifigear Gàidhlig na Pàrlamaid: Parliamentary Gaelic Officer; leabhran, leabhrain: booklet, booklets; singilte: singular; iolra: plural; Am t-Ath-Leasachadh: The Reformation; Cunnradh an Aonaidh: The Treaty of Union; ro-ràdh: foreword.

Abairtean na Litreach: Tha bliadhna thrang air a bhith aig Ailig O Hianlaidh: Alex O’ Henley’s had a busy year (I’m referring to 2001!); ’s iongantach mura bi sibh a’ conaltradh ri X: it’s likely you’ll be communicating with X; tha X air a bhith na dhreuchd airson bliadhna:X has been in his job for a year; fiosrachadh do luchd-fianais a tha a’ nochdadh air beulaibh chomataidhean: information for witnesses who appear in front of committees; tha dà rud a’ tighinn am follais: two things become apparent; ’s e an dàrna rud as fhiach rudeigin a ràdh mu dheidhinn: the second thing worth commenting on; tha buill air an taghadh ann an dà dhòigh: members are chosen in two ways; an Dualchas Phàrlamaideach Albannach: the Scottish Parliamentary Heritage; aon rud a chuir gàire air m’ aghaidh: one thing that put a smile on my face.

Puing-ghràmair na Litreach: Tha pàrlamaid air a dèanamh suas le riochdairean taghte:parliament is made up of elected representatives. There is a play on words here. The word taghte is a part participle of the verb taghadh (choosing, electing) and means “chosen” or “elected”. As with other other past participles like briste (broken), fosgailte(open) and dùinte (closed), it operates as an adjective. But the expression “taghte!” also means “excellent, wonderful, perfect” eg tha sin dìreach taghte (that’s just perfect). You might hear it being used in a phone conversation in the same manner as one might say in English “great” or “terrific”. So, in the Litir, tha cuid anns a’ choimhearsnachd nach canadh “taghte” idir ann an co-cheangal rin cuid riochdairean anns a’ phàrlamaid means “some in the community would not say ‘taghte’ in relation to their representatives in the parliament!” The –te ending indicates the grammatical origins of the word as a past participle, but you will often see it spelt taghta.This shows more closely the pronunciation – the final t is a broad one as occurs before a broad vowel (eg an t-aran ) rather than the slender “tch” one before a narrow vowel (as in an t-ìm).

Gnàthas-cainnt na Litreach: Coimheadamaid a-rithist: let us look again.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean