FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1229: E.G. Ravenstein agus A’ Ghàidhlig (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

E.G. Ravenstein agus A’ Ghàidhlig (2)

Gaelic Gàidhlig

An t-seachdain sa chaidh, bha mi ag innse dhuibh mun phàipear a sgrìobh E. G. Ravenstein mu staid nan cànanan Ceilteach. Ann an ochd ceud deug, seachdad ʼs a naoi (1879), bha Gàidhlig aig 89.6 às a’ cheud (%25) de mhuinntir Siorrachd Chataibh. Bha sin na b’ àirde na siorrachd sam bith eile. Air an t-slait-thomhais sin b’ e Cataibh an t-siorrachd a bu Ghàidhealaiche ann an Alba aig an àm sin.

Ach math dh’fhaodte gu bheil dòighean eile ann coimhead air a’ chùis. Rinn Ravenstein tomhas cuideachd air na sgilean cànain aig daoine anns na ceàrnaidhean far an robh Gàidhlig aig a’ mhòr-chuid. ʼS ann anns na sgìrean sin a bha a’ chuid a bu mhotha de na daoine aig nach robh Beurla.

Anns na siorrachdan a leanas, bha a h-uile duine aig an robh Gàidhlig cuideachd fileanta ann am Beurla: Gallaibh, Farfair, Sruighlea agus Dùn Breatann. Bha siorrachdan eile ann far an robh na bu lugha na aonan às a’ cheud gun chomas ann am Beurla. B’ iad sin Eilginn, Banbh agus Bòd. Agus bha siorrachdan ann le na bu lugha na sia às gach ceud gun Bheurla – Siorrachd Narann, Siorrachd Pheairt agus Siorrachd Chataibh. Seadh, ged a bha Cataibh fhathast gu math Gàidhealach, bha a’ Bheurla a’ sìor thighinn a-steach.

Dè, ma-thà, an t-siorrachd a bu mhotha anns an robh daoine gun Bheurla? Bha Siorrachd Inbhir Nis, le trithead ʼs a ceithir às a’ cheud (34%25) aig nach robh Beurla. Bha na figearan airson Rois is Chrombaidh agus Earra-Ghàidheal na b’ ìsle – aig 14%25 agus 17%25.

Chuir e iongnadh orm gun robh am figear airson Siorrachd Inbhir Nis cho àrd, ach bha e a’ gabhail a-steach Na Hearadh, Uibhist is Barraigh, An t-Eilean Sgitheanach agus taobh an iar Loch Abar. Sgrìobh Ravenstein gur ann anns na h-Eileanan an Iar a b’ fhaide a mhaireadh a’ Ghàidhlig. Cha robh Beurla aig dà thrian de na daoine agus bha clann luchd-imrich a’ togail a’ chànain. Ge-tà, sgrìobh e seo: bha foghlam anns a’ chuid a bu motha de na sgoiltean ann am Beurla a-mhàin agus, aig a’ cheann thall, ʼs ann aig a’ Bheurla a bhiodh làmh-an-uachdair.

Tha e inntinneach coimeas a dhèanamh eadar trì eileanan ann an Linne Chluaidh. Ann an Cumaradh, bha an sluagh air a dhol Gallta uile-gu-lèir. Bha cùisean eadar-dhealaichte ann an Eilean Bhòid. Bha sluagh mòr a’ fuireach ann – còrr is deich mìle duine. Bha Gàidhlig fhathast aig ochd-deug às a’ cheud de mhuinntir an eilein agus bha ceud gu leth duine aig nach robh Beurla.

Ach tha Ravenstein ag innse dhuinn gur ann à Earra-Ghàidheal a thàinig a’ chuid a bu mhotha de na Gàidheil Bhòdach. Mura b’ e sin, tha e ag ràdh, bha a’ Ghàidhlig air a dhol à bith ann am Bòd roimhe sin.

Ach nach èist sibh ris na figearan airson Eilean Arainn. Bha Ravenstein dhen bheachd gun robh Gàidhlig aig naoinear às gach deichnear. Bha iad, ge-tà, uile dà-chànanach. Mean air mhean, bha a’ Bheurla a’ faighinn làmh an uachdair. Bha a’ Ghàidhlig ga cleachdadh anns an dàrna cuid de sheirbheisean eaglais ach cha robh i anns na sgoiltean gu ìre mhòr sam bith. Seachd bliadhna an dèidh do dh’Achd an Fhoghlaim thighinn gu bith, chan eil sin na iongnadh.

Faclan na Litreach: fileanta: fluent; Siorrachd Narann: Nairnshire; Siorrachd Pheairt: Perthshire; na b’ ìsle: lower; dà thrian: two-thirds; na Gàidheil Bhòdach: the Bute Gaels; làmh an uachdair: the upper hand.

Abairtean na Litreach: de mhuinntir Siorrachd Chataibh: of the people of the county of Sutherland; na ceàrnaidhean far an robh Gàidhlig aig a’ mhòr-chuid: the areas where Gaelic was spoken by a majority; ʼs ann anns na sgìrean sin a bha a’ chuid a bu mhotha de na daoine aig nach robh Beurla: it’s in those areas that [lived] most of the people who did not speak English [monoglot Gaels]; Gallaibh, Farfair, Sruighlea agus Dùn Breatann: Caithness, Forfar, Stirling and Dumbarton; far an robh na bu lugha na aonan às a’ cheud gun chomas ann am Beurla: where less than one percent were without English language skills; Eilginn, Banbh agus Bòd: Elgin, Banff and Bute; an t-siorrachd a bu mhotha anns an robh daoine gun Bheurla: the county with the greatest number of people with no English; airson Rois is Chrombaidh agus Earra-Ghàidheal: for Ross and Cromarty, and Argyll; chuir e iongnadh orm: it surprised me; Na Hearadh, Uibhist is Barraigh, An t-Eilean Sgitheanach agus taobh an iar Loch Abar: Harris, Uist and Barra, Skye and west Lochaber; bha clann luchd-imrich a’ togail a’ chànain: the children of immigrants [mostly from other parts of Scotland] were picking up the language; ann an Cumaradh, bha an sluagh air a dhol Gallta uile-gu-lèir: in Cumbrae, the population had gone completely non-Gaelic; naoinear às gach deichnear: nine out of every ten people; seachd bliadhna an dèidh do dh’Achd an Fhoghlaim thighinn gu bith, chan eil sin na iongnadh: seven years after the Education Act came into being, that’s not a surprise.

Puing-chànain na Litreach: Air an t-slait-thomhais sin b’ e Cataibh an t-siorrachd a bu Ghàidhealaiche: on that yardstick, Sutherland was the most Gaelic county. The Gaelic for ‘yardstick’ is slat-tomhais. Slat is a feminine word, and this determines the gender of the compound noun. One might therefore expect slat-thomhais with the second (descriptive) element lenited, but the terminal ‘t’ in slat tends to block this through homophony. In the dative case (following a preposition) with the article, slat is traditionally slenderised to slait. The slenderised ‘t’ is less homophonic to the initial ‘t’ in tomhais so we are more likely to slenderise the second element in modern usage, as would be the case without homophony. Thus, we say air an t-slait-thomhais.

Gnàthas-cainnt na Litreach: sia às gach ceud: six percent (this is one way of saying it).

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 925

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean