1218: Dà naidheachd à Raineach
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Dà naidheachd à Raineach
Bha mi o chionn ghreis ann an Coille Dhubh Raineach, no ‘Coille Dhubh Raineach’ mar a chanadh na seann Ghàidheil a bhuineadh don àite. ʼS i tè de na seann choilltean Cailleannach a bha uaireigin pailt air a’ Ghàidhealtachd. Bha i uaireigin na h-àite-falaich aig eucoirich agus fineachan a bha nan nàimhdean don riaghaltas.
Tha dualchas na Gàidhlig làidir ann an Raineach. Bhiodh naidheachdan beaga aca dhen t-seòrsa a chluinnte anns an taigh-chèilidh. Bu mhath leam dà naidheachd à Raineach innse dhuibh an-diugh.
Tha a’ Choille Dhubh air cladach a deas Loch Raineach, agus tha an naidheachd seo à Loch Raineach fhèin. Bha duin’-uasal à Lunnainn a bhiodh a’ tighinn a Loch Raineach airson iasgach. Tha mi a’ dèanamh dheth gum biodh e a’ tighinn a h-uile bliadhna.
Turas a bha seo, chaill e fàinne bho a chorraig. Bha e ag iasgach ann am bàta, agus thuit an fhàinne bho a chorraig don uisge. Cha b’ e fàinne àbhaisteach a bh’ innte. Bha suaicheantas a theaghlaich oirre. Bhiodh e furasta gu leòr don duine leis an robh i a h-aithneachadh. Ach bha i air a dhol gu aigeann an locha. Cha robh dùil no dòchas gum faigheadh an duine sealladh oirre a-rithist.
Ge-tà, thill an duine seo a Raineach an ath bhliadhna. Bha e a’ siubhal ann an carbad-iarainn. Bha fear mu a choinneamh agus mhothaich am fear à Lunnainn gun robh fàinne air a chorraig. ‘Gabhaibh mo leisgeul,’ thuirt e, ‘ach càit an d’ fhuair sibh an fhàinne sin? Sin an fhàinne agamsa. Tha suaicheantas mo theaghlaich oirre.’
‘Uill,’ thuirt am fear eile, ‘innsidh mi dhuibh mar a thachair. Bha mi iasgach ann an Loch Raineach agus ghlac mi breac. Chaidh an t-iasg a thoirt don chòcaire anns an taigh-òsta agus chaidh a bhruich dhomh. Ach thàinig an còcaire chun a’ bhùird agus chuir e fàinne air mo bheulaibh. Dh’inns e dhomh gun do lorg e an fhàinne ann an stamag an èisg.’ Nach iongantach an sgeul agus thathar ag ràdh gu bheil e fìor.
Tha an naidheachd eile mòran nas sine, agus cluinnear a leithid ann am pàirtean eile dhen Ghàidhealtachd cuideachd. Ann am Bliadhna Theàrlaich, bha saighdearan-dearga siar air Loch Raineach. Chunnaic iad saighdear Gàidhealach air mullach Meall Comraidh. Bha e ri mì-mhodh is fanaid orra.
Chuir iad dithis shaighdearan-dearga suas airson dèiligeadh ris. Dh’fhalbh iad thar a’ mhullaich agus à fianais. Chualas fuaim de chath agus cha do thill na saighdearan-dearga. Chaidh a h-uile càil sàmhach.
Goirid an dèidh sin, thill an saighdear Gàidhealach gu mullach na beinne. Thòisich e a-rithist air fanaid. An turas seo, chaidh feachd a chur suas airson dèiligeadh ris. Dh’fhalbh iad à fianais air cùl mullach na beinne. A-rithist bha fuaim de shabaid ann, air a leantainn le sàmhchair. Agus nochd an saighdear Gàidhealach a-rithist air a’ mhullach.
An turas seo, dh’òrdaich an coirneal ionnsaigh mhòr a thoirt air an t-saighdear Ghàidhealach. Dh’fhalbh a h-uile saighdear-dearg còmhla. Nuair a bha iad faisg air a’ mhullach, nochd fear de na saighdearan aca fhèin. Cha robh e marbh, ach bha e air a leòn. ‘Thallaibh air ais!’ dh’èigh e mar rabhadh. ‘ʼS e feall a th’ ann! Tha dithis ann!’
Faclan na Litreach: Coille Dhubh Raineach: The Black Wood of Rannoch; Cailleannach: Caledonian; aigeann: bottom, great depth; mu a choinneamh: opposite him; breac: trout; Bliadhna Theàrlaich: 1745-6.
Abairtean na Litreach: mar a chanadh X a bhuineadh don àite: as X who belonged to the place would say; bha i uaireigin na h-àite-falaich aig eucoirich agus fineachan a bha nan nàimhdean don riaghaltas: it was at one time a hiding place for criminals and clans who were enemies of the government; bhiodh naidheachdan beaga aca dhen t-seòrsa a chluinnte anns an taigh-chèilidh: they would have (tell) anecdotes of the sort that would be heard in the ceilidh house; bho a chorraig: from his finger; cha b’ e fàinne àbhaisteach a bh’ innte: it wasn’t a normal ring; bha suaicheantas a theaghlaich oirre: his family’s crest was on it; bhiodh e furasta gu leòr don duine leis an robh i a h-aithneachadh: it would be easy enough for the man who owned it to recognise it; cha robh dùil no dòchas gum faigheadh an duine sealladh oirre a-rithist: there was no expectation or hope that the man would see it again; thill an duine seo a Raineach an ath bhliadhna: this man returned to Rannoch the following year; innsidh mi dhuibh mar a thachair: I’ll tell you what happened; thàinig an còcaire chun a’ bhùird: the chef came to the table; bha e ri mì-mhodh is fanaid orra: he was being rude and derisory towards them; airson dèiligeadh ris: to deal with him; thar a’ mhullaich agus à fianais: over the summit and out of sight; chualas fuaim de chath: sound of battle was heard; bha e air a leòn: he was wounded; ʼs e feall a th’ ann: it’s a trap; tha dithis ann: there are two of them.
Puing-chànain na Litreach: a’ siubhal ann an carbad-iarainn: travelling in a train. While the loanword trèana is most commonly used today for ‘train’, older Gaels would call it a carbad-iarainn ‘iron chariot’, so I used that term, as the story might go back a long time. I remember an old man in Applecross years ago who would quite naturally speak of a carbad-ola, rather than using the loanword càr, as that was the vocabulary he had grown up with. He had been a postman and could remember when, towards the end of his career, his bicycle was replaced by a carbad-ola.
Gnàthas-cainnt na Litreach: Tha mi a’ dèanamh dheth gum biodh e a’ tighinn a h-uile bliadhna: I reckon he would be coming every year.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 914
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn