FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1184: Locha Buidhe 's a Dhà Bhuachaille (3)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Locha Buidhe 's a Dhà Bhuachaille (3)

Gaelic Gàidhlig

Tha mi a' dol a chur crìoch air an sgeulachd – 'Locha Buidhe 's a Dhà Bhuachaille'. Thug am buachaille an corp a thug e sìos bhon chraoibh gu taigh a’ bhuachaille eile, a charaid. Leig e an corp air an talamh anns a' ghàrradh. Bha e dubh dorch. Ghnog e air doras mòr an taighe. Thàinig bean a’ bhuachaille eile chun an dorais.

'Ciamar a chaidh dhuibh?' dh’fhaighnich i. 'An d' fhuair sibh an damh?'. 'S i a bheir cùl a' phlana aig an toiseach.

'Na bruidhinn mun damh,' fhreagair am fear. ‘Chaidh an duine agad a chrochadh.'

Nuair a chual' i an naidheachd sin thòisich a' bhean air guil agus caoineadh. 'Ist,' thuirt am buachaille. ‘Cùm sàmhach agus na can guth ri duine, air neo thèid an dithis againne a chrochadh cuideachd. Cuimhnich gur tusa a chruthaich am plana sa chiad dol-a-mach agus is mis' a ghoid an damh. Tiodhlaicidh sinn a' chorp anns a' ghàrradh. Cha bhi fios aig duine eile dè thachair. 'S dòcha gun dìochuimhnich iad an gnothach.

Thiodhlaic an dithis aca an corp anns a' ghàrradh agus dh'fhalbh am buachaille don taigh aige fhèin.

Tha fios agaibh gu robh am buachaille eile fhathast beò. Dh'fhàg e taigh mòr Locha Bhuidhe oir bha e air fàs anmoch, agus rinn e air an taigh aige fhèin. Nuair a ràinig e an taigh bha an doras glaiste. 'Leig a-steach mi,' dh'èigh e.

'Cha leig,' ars a bhean. 'Chaidh do chrochadh agus thiodhlaic sinn thu ann an toll anns a' ghàrradh. Chan fhaigh thu a-steach an seo gu bràth.'

'Dè tha thu a' ciallachadh?' thuirt am buachaille. 'Cha deach mo chrochadh, tha mi fhathast beò!'

'Tha mi coma dè chanas tu,' ars ise, 'chan fhosgail mi an doras dhut.'

Shaoil am buachaille gum bu chòir dha dhol gu taigh a' bhuachaille eile feuch faighinn a-mach dè bha a' dol. Bha an gnothach neònach air fad. Chaidh e ann agus ghnog e air an doras mhòr. 'Leig a-steach mi,' dh’èigh e.

'Is mi nach leig,' fhreagair am fear eile. 'Fhuair mise gu leòr gad thoirt dhachaigh air mo mhuin 's tu air do chrochadh.'

Bha uinneag mhòr aig ceann thall an taighe agus sin far an deach am fear air an taobh a-muigh. 'Seall orm,' thuirt e tron uinneig, 'faigh solas, agus chì thu glan nach do chrochadh mise nas motha na chrochadh tu fhèin.'

Chunnaic am fear air an taobh a-staigh gun robh an fhìrinn aig an fhear eile. Leig e a charaid a-steach. Bha an dithis aca suas airson a' chòrr dhen oidhche ag innse do chèile mar a thachair a-rèir an seallaidhean fhèin. Aig a' cheann thall dh'aontaich iad ri chèile a dhol a bhruidhinn ri Locha Buidhe. Bha iad a' dol a dh'aideachadh a h-uile rud dha. Feumaidh nach robh esan cho an-iochdmhor ri cuid eile de dh'uachdarain na Gàidhealtachd aig an àm.

Dh'èist Locha Buidhe ris an sgeul aca gu dùrachdach. Cha deach na buachaillean a pheanasachadh. Gu dearbh, thàinig buannachd thuca aig a' cheann thall. A h-uile bliadhna bho sin a-mach, bhiodh Locha Buidhe a' toirt dhaibh damh ... agus bolla mine a-bharrachd. Agus sin agaibh an sgeulachd Mhuileach, 'Locha Buidhe 's a Dhà Bhuachaille'. Tha mi an dòchas gun do chòrd i ribh.

* ****

Tha sinn duilich ach chan eil notaichean ann airson na litreach seo. We are sorry we don’t have notes for this letter.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 880

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean