1141: An Caisteal Ruadh (2)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
An Caisteal Ruadh (2)
Anns a’ bhliadhna còig ceud deug, seasgad ’s a seachd (1567) chaill Màiri, Banrigh na h-Alba, a h-àite air an rìgh-chathair. Bliadhna an dèidh sin, thug Tànaiste na h-Alba, Iarla Mhoireibh, oighreachd a’ Chaisteil Ruaidh seachad do Chlann ’ic Coinnich. Taobh a-staigh beagan bhliadhnaichean bha an oighreachd làimh ris a’ Chaisteal Ruadh cuideachd ann an làmhan Clann ’ic Coinnich. B’ e sin oighreachd Chùil Challaidh. Bha Clann ’ic Coinnich an uair sin gu math cumhachdach ann an Taobh Sear Rois.
Anns a’ chogadh chatharra an aghaidh Theàrlaich I, bha Clann ’ic Coinnich a’ Chaisteil Ruaidh air taobh an Rìgh. Thathar ag ràdh gur ann sa Chaisteal Ruadh a dh’ionnsaich ceannard an airm, Marcais Mhontròis, mu bhàs an Rìgh.
Rinn arm Chrombail sgrios air a’ Chaisteal Ruadh agus bha e ann an staid thruagh airson greis mhòr. Tràth anns an ochdamh linn deug, chaidh ath-thogail a dhèanamh air. Ann an seachd ceud deug, ceathrad ’s a còig (1745), thathar ag ràdh gun robh am Prionnsa Òg – Teàrlach Eideard Stiùbhart – a’ fuireach ann.
Tha beul-aithris inntinneach mu dheidhinn na thachair nuair a bha am Prionnsa ann. Bha e a’ feuchainn ri toirt air Clann ’ic Coinnich saighdearan a chur gu Arm nan Seumasach. Bha Teàrlach agus an t-uachdaran a’ cabadaich aig àm bracaist. Cha mhòr nach robh an ceann-cinnidh air aonta a ruighinn leis a’ Phrionnsa.
Ge-tà, bha a bhean taiceil do na Hanoibhèirianaich. Dhòirt i, a dh’aona-ghnothach, uisge goileach thairis air cas an duine aice. Cha b’ urrainn dha, mar sin, dhol aig ceann feachd. Agus chaill Teàrlach Òg an cothrom Clann ’ic Coinnich a’ Chaisteil Ruaidh a bhith mar phàirt dhen arm aige.
Goirid an dèidh sin reiceadh an oighreachd do Ghranndaich à Gleann Urchardain. Chaidh fear de na h-uachdarain agus a mhac a-mach air a chèile gu salach. Agus, an àite a cumail anns an teaghlach, ’s ann a thug an t-uachdaran gu Colaiste Fettes ann an Dùn Èideann i. ’S e sin as coireach gu bheil baile-fearainn faisg air a’ Chaisteal Ruadh air a bheil Fettes Farm mar ainm.
’S ann tro dhiofar mheuran de na Baillies a chaidh an t-àite tro thìde – mu dheireadh don mheur a bha stèidhichte ann an Doch a’ Phùir faisg air Inbhir Nis. Aig toiseach an dàrna cogaidh, ghabh an riaghaltas grèim air agus bha saighdearan agus feadhainn aig Feachd Rìoghail an Adhair a’ fuireach ann.
Bha uidheaman gunnaireachd, leithid bhomaichean, air an stòradh faisg air a’ chaisteal. Bha iad air an toirt don stèisean rèile faisg air làimh airson a dhol don raon-adhair ann am Manachainn Rois. Aig an àm sin, bha rathad-iarainn ann eadar Am Blàr Dubh agus A’ Chananaich, agus bha stèisean aig a’ Chaisteal Ruadh.
Tha togalaichean ìosal anns a’ choille chun an latha an-diugh. Tha dùil agam gum b’ iad sin cuid dhen fheadhainn a bha a’ stòradh bhomaichean is armachd eile. Aig an àm sin, tha seann dealbhan camara a’ sealltainn dhuinn gun robh an caisteal gu math snasail.
Bha na daoine leis an robh e a’ dol ga leasachadh an dèidh a’ chogaidh. Ach fhuair iad a-mach gun robh na cabraichean air grodadh gu mòr. Mar sin, thugadh am mullach dheth. Agus tha an Caisteal Ruadh an-diugh na thobhta. Chosgadh e fortan a leasachadh às ùr.
Faclan na Litreach: Tànaiste na h-Alba: The Regent of Scotland; Iarla Mhoireibh: the Earl of Moray; oighreachd: estate; Cùil Challaidh: Kilcoy; Taobh Sear Rois: Easter Ross; ath-thogail: rebuilding; Arm nan Seumasach: the Jacobite army; Colaiste Fettes: Fettes College; Doch a’ Phùir: Dochfour; Feachd Rìoghail an Adhair: Royal Air Force; snasail: elegant.
Abairtean na Litreach: chaill Màiri, Banrigh na h-Alba, a h-àite air an rìgh-chathair: Mary Queen of Scots lost her place on the throne; an oighreachd làimh ris a’ Chaisteal Ruadh: the estate adjacent to Redcastle; anns a’ chogadh chatharra an aghaidh Theàrlaich I: in the civil war against Charles I; gur ann sa Chaisteal Ruadh a dh’ionnsaich Marcais Mhontròis mu bhàs an Rìgh: that it was at Redcastle that the Marquis of Montrose learned about the King’s death; rinn arm Chrombail sgrios air: Cromwell’s army destroyed; ann an staid thruagh airson greis mhòr: in a poor state for a long time; bha Teàrlach agus an t-uachdaran a’ cabadaich aig àm bracaist: Charles and the laird were chatting at breakfast time; bha a bhean taiceil do na Hanoibhèirianaich: his wife was supportive of the Hanoverians; dhòirt i, a dh’aona-ghnothach, uisge goileach thairis air cas an duine aice: she deliberately poured boiling water over her husband’s foot; cha b’ urrainn dha dhol aig ceann feachd: he couldn’t lead a troop of soldiers; reiceadh an oighreachd: the estate was sold; chaidh fear de na h-uachdarain agus a mhac a-mach air a chèile gu salach: one of the lairds and his son fell out badly with each other; bha uidheaman gunnaireachd, leithid bhomaichean, air an stòradh: ammunition such as bombs was stored; don raon-adhair ann am Manachainn Rois: to the aerodrome at Fearn; bha rathad-iarainn ann eadar Am Blàr Dubh agus A’ Chananaich: there was a railway line between Muir of Ord and Fortrose; gun robh na cabraichean air grodadh gu mòr: that the roofing timbers had rotted badly; chosgadh e fortan: it would cost a fortune.
Puing-chànain na Litreach: Cha mhòr nach robh an ceann-cinnidh air aonta a ruighinn leis a’ Phrionnsa: the clan chief had almost reached an agreement with the Prince. This is a good expression to master. Cha mhòr nach eil mi deiseil ‘I’m almost ready’; a bheil thu deiseil? ‘are you ready?’ cha mhòr nach eil ‘yes, almost’; cha mhòr nach robh an geama seachad nuair a chuir i tadhal ‘the game was almost over when she scored’.
Gnàthas-cainnt na Litreach: ’S e sin as coireach gu bheil baile-fearainn air a bheil Fettes Farm mar ainm: that’s the reason that there is a farm named Fettes Farm.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 837
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn