FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1047: Iain Ruadh Stiùbhart (2)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Iain Ruadh Stiùbhart (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Iain Ruadh Stiùbhart. Sgrìobh e dàn ainmeil Latha Chùil Lodair anns an do mhìnich e mar a chaidh cùisean an aghaidh nan Seumasach:

Mo chreach armailt nam breacan,

Bhith air sgaoileadh ʼs air sgapadh ʼs gach àit’,

Aig fìor bhalgairean Shasainn

Nach do ghnàthaich bonn ceartas na ʼn dàil

Ged a bhuannaich iad batail,

Cha b’ ann da ʼn cruadal no ʼn tapadh a bha,

Ach gaoth an iar agus frasan,

Thigh’n a-nìos oirnn bhàrr machair nan Gall.

Chan e dìreach an droch aimsir a bu choireach ris a’ chall, ge-tà, ann am beachd Iain Ruaidh. Bha e cuideachd a’ coireachadh a’ Mhorair Seòras Moireach, an commandair Seumasach. Bha Iain air dàil latha iarraidh mus biodh Blàr Chùil Lodair ann, oir bha na saighdearan aige sgìth, ach dhiùlt am Moireach gabhail ri sin.

An dèidh Chùil Lodair, choinnich Iain ris a’ chòrr de dh’arm nan Seumasach aig Ruadhainn faisg air Ceann a’ Ghiùthsaich. Chaidh an co-dhùnadh a dhèanamh gun a bhith a’ leantainn leis a’ chogadh. Bhiodh arm an riaghaltais saor gus sgrios a dhèanamh air bailtean na Gàidhealtachd.

Theich gu leòr de na ceannardan Seumasach don Fhraing no dùthchannan eile, ach dh’fhuirich Iain Ruadh na dhùthaich fhèin. Bha e na ruagalaiche, ge-tà. Bhiodh e a’ fuireach ann an diofar uamhan, agus muinntir na sgìre a’ toirt taic dha.

Aon latha, bha e air fhalach anns a’ Ghleann Mhòr ann an Srath Spè. Bha fear òg, Peadar Bell, a’ dol a dh’ionnsaigh Iain le bainne nuair a thachair e ri feachd de shaighdearan dearga a bha a’ coimhead air a shon. Bha druma aig fear dhiubh.

‘Cà’l thu a’ dol?’ dh’fhaighnich na saighdearan.

‘Gu m’ athair, a tha ag obair sa choille,’ fhreagair Peadar. Chunnaic an gille an druma agus rinn e còmhradh mar gun robh e ag iarraidh a cheannach. Ghabh e grèim air an druma agus sheinn e òran – ‘Buaidh thap’, Iain Ruaidh, ʼs tric a bhuail thu campaid.’ An uair sin ghabh e òran eile:

Bi falbh ʼs na fuirich, bi falbh, bi falbh!

Na tig a-nochd tuillidh, tha ʼn tòir a’ tighinn thugad

Na tig a-nochd tuillidh, bi falbh, bi falbh!’

Chuala Iain Ruadh e agus theich e gu taobh Neithich. Nuair a bha e na ruagalaiche, rinn e sgochadh air adhbrann. Tha e a’ dèanamh iomradh air sin anns an òran aige, Ùrnaigh Iain Ruaidh:

Aig taobh sruthain na shuidhe, ʼs e sgìth

Tha an Crìosdaidh bochd, Iain Ruadh,

Na cheatharnach, fhathast gun sìth

ʼS a chas air tuisleadh san tìm gu truagh.

Ged as ann an Gàidhlig a bu mhotha a sgrìobh Iain Ruadh a bhàrdachd, sgrìobh e co-dhiù aon dàn ann am Beurla – John Roy Stuart’s Psalm. Anns an òran sin, thuirt e nach fhaigheadh feachdan a’ Chrùin grèim air:

Though they mow down both corn and grass

And seek me underground,

Though hundreds guard each road and pass,

John Roy will not be found.

Agus bha e ceart – cha d’ fhuair na saighdearan dearga lorg air. Ach mus fhaigheadh e cothrom teicheadh gu sàbhailteachd anns an Fhraing, chaidh e a chèilidh air a’ Phrionnsa, Teàrlach Òg, a bha e fhèin na ruagalaiche. Choinnich iad ann an àite ris an cainte Cèidse Chluainidh taobh Beinn Eallair – mar a chluinneas sinn an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: Iain Ruadh Stiùbhart: John Roy Stuart; Ruadhainn:Ruthven; ruagalaiche: fugitive; uamhan:caves; air fhalach: hiding, hidden; Neithich: Nethy.

Abairtean na Litreach: Mo chreach armailt nam breacan, bhith air sgaoileadh ʼs air sgapadh ʼs gach àit’: it’s my ruin that the tartan army has been scattered all over; aig fìor bhalgairean Shasainnn nach do ghnàthaich bonn ceartas na ʼn dàil: by the terrible English rogues who did not leave justice in their wake; cha b’ ann da ʼn cruadal no ʼn tapadh a bha: it wasn’t because of their toughness or smartness; ach gaoth an iar agus frasan, thighinn a-nìos oirnn bhàrr machair nan Gall: but the west wind and showers, coming up on us out of the Lowlands, and an adviser to Bonnie Prince Charlie; bha e cuideachd a’ coireachadh a’ Mhorair Seòras Moireach, an commandair Seumasach: he also blamed Lord George Murray, the Jacobite commander; bha Iain air dàil latha iarraidh: John had requested a day’s delay; saor gus sgrios a dhèanamh air bailtean na Gàidhealtachd: free to destroy the villages of the Highlands; dh’fhuirich Iain Ruadh na dhùthaich fhèin: John Roy stayed in his own country; rinn e còmhradh mar gun robh e ag iarraidh a cheannach: he made conversation as if he wished to buy it; buaidh thap[aidh], ʼs tric a bhuail thu campaid: clever victory, it’s often you struck camp; bi falbh ʼs na fuirich: be gone and don’t stay; na cheatharnach, fhathast gun sìth: a fighting man, still without peace; ʼs a chas air tuisleadh san tìm gu truagh: his foot having just stumbled badly [he sprained his ankle]; cha d’ fhuair na saighdearan dearga lorg air: the redcoats didn’t find him; àite ris an cainte Cèidse Chluainidh taobh Beinn Eallair: a place called Cluny’s Cage over by Ben Alder.

Puing-chànain na Litreach: Na tig a-nochd tuillidh : don’t come tonight any more. Tuillidh is just a dialectal form of tuilleadh , which is used in the same way.

Gnàthas-cainnt na Litreach: rinn e sgochadh air adhbrann : he sprained his ankle.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 743

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean