1013: Alasdair MacIlleMhìcheil agus Coimisean Napier (1)
Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.
Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Alasdair MacIlleMhìcheil agus Coimisean Napier (1)
Bidh mi a’ sgrìobhadh colbh Gàidhlig gach seachdain airson Courier Inbhir Nis. ʼS e ‘Am Peursa’ tiotal a’ chuilbh. Chan e mise a thagh an tiotal ach an colbhaiche a bh’ ann romham. Tha e a’ ciallachadh ‘signal pole’.
Nise, feumaidh mi aideachadh nach ann tric a chuala mi am facal peursa ann an còmhradh. Chan fhaca mi gu tric e ann an sgrìobhadh nas motha. Ach, an latha eile, bha mi a’ leughadh pìos ann am Beurla mu na h-Eileanan Siar, agus bha am facal peursair no perchman ann. Chaidh am pìos a sgrìobhadh le Gàidheal.
Seo m’ eadar-theangachadh air: ‘... tha muinntir nan Eilean A-muigh toilichte nuair a chì iad brùchd de fheamainn ... air na cladaichean aca. Airson fios a chur gu na daoine gu bheil an fheamainn air nochdadh, tha aig a’ chuid as motha de bhailtean-fearainn fear a tha a’ fuireach faisg air a’ chladach, air a bheil an dleastanas cnap mòr feamainn a chur air mullach peursa. ʼS e Am Peursair a chanar ris an duine seo, agus gheibh e duais ann am feamainn agus fearann.’
B’ e ùghdar na h-earrainn seo Alasdair MacIlleMhìcheil, am fear air an robh mi a’ bruidhinn an t-seachdain sa chaidh. Chan ann à Carmina Gadelica a tha an earrann sgrìobhte, ach à eàrr-ràdh ann an aithisg Choimisean Napier air cor nan croitearan ʼs nan coitearan air a’ Ghàidhealtachd. Rinn MacIlleMhìcheil tuairisgeul dhen t-suidheachadh air taobh an iar eileanan mar Uibhist far a bheil tràighean gainmhich ann. Eucoltach ris na cladaichean creagach air an taobh an ear, cha bhi mòran feamainn air an taobh an iar, ach nuair a thig brùchd dhith gu tìr le stoirm.
‘Bidh fir agus caileagan, le eich, cairtean is clèibh,’ sgrìobh MacIlleMhìcheil, ‘ag obair gu dìcheallach ann a bhith a’ cur na feamainn os cionn an tiùrr. Mura dèanadh iad sin, ʼs dòcha gun sguaibeadh an ath làn a h-uile rud air falbh. Nan dealas airson an fheamainn fhaighinn, bidh na daoine gu tric, leis a’ mhuir os cionn an glùinean, ag obair ro chruaidh, iad fhèin ʼs an cuid each, latha an dèidh latha.’
Tha rudan gu math inntinneach anns a’ chunntas aig MacIlleMhìcheil. Tha na briathran aige airson òran a ghabhadh muinntir Hiort gach bliadhna nuair a thilleadh na h-eòin-mhara do na h-eileanan aca. Tha an t-òran ag ainmeachadh aon eun nach eil ann am bith an-diugh:
Buidheachas dhan Tì, thàinig na gugachan,
Thàinig ʼs na h-Eòin-mhòra cuide riuth’,
Cailin dubh chiar, bò sa chrò,
Bò dhonn, bò dhonn, bò dhonn bheadarach,
Bò dhonn, a rùin, a bhligheadh am bainne dhut.
Hò rò, mo ghealag, ni gu rodagach
Cailin dubh chiar, bò sa chrò,
Na h-eòin air tighinn, cluinneam an ceòl!
Chan eil mi cinnteach dè tha ‘ni gu rodagach’ a’ ciallachadh. Ma tha fios agaibh fhèin, bu mhath leam cluinntinn bhuaibh. Ach dè an t-eun a chaidh ainmeachadh anns an rann, nach eil ann am bith an-diugh? Tha, an t-Eun Mòr. Tha e san dàrna loidhne. Buidheachas dhan Tì, thàinig na gugachan, Thàinig ʼs na h-Eòin-mhòra cuide riuth’.
A rèir MhicIlleMhìcheil, ʼs e an t-Eun Mòr an Great Auk – eun-mara a chaidh à bith ann am meadhan an naoidheamh linn deug.
Faclan na Litreach: brùchd de fheamainn: pile of seaweed thrown up by the sea; tràighean gainmhich: sandy beaches.
Abairtean na Litreach: ʼS e ‘Am Peursa’ tiotal a’ chuilbh: the title of the column is ‘Am Peursa’ [the signal pole]; feumaidh mi aideachadh: I must admit; nach ann tric a chuala mi am facal ann an còmhradh: that I haven’t often heard the word in conversation; chan fhaca mi gu tric e ann an sgrìobhadh nas motha: I haven’t often seen it in writing either; tha aig a’ chuid as motha de bhailtean-fearainn fear a tha a’ fuireach faisg air a’ chladach: most farms have a man living near the shore; air a bheil an dleastanas cnap mòr feamainn a chur air mullach peursa: whose duty it is to hoist a bundle of seaweed on the top of a pole; eàrr-ràdh ann an aithisg Choimisean Napier: an appendix in the Napier Commission’s report; ag obair gu dìcheallach ann a bhith a’ cur na feamainn os cionn an tiùrr: working assiduously in removing the seaweed beyond the reach of the tide; ʼs dòcha gun sguaibeadh an ath làn a h-uile rud air falbh: perhaps the next tide might sweep the whole away; tha na briathran aige airson òran a ghabhadh muinntir Hiort: he has the words for a song that the people of St Kilda would sing; nuair a thilleadh na h-eòin-mhara: when the seabirds would return; Buidheachas dhan Tì: thanks to the Being; thàinig ʼs na h-Eòin-mhòra cuide riuth’: along with them came the Great Auks; cailin dubh chiar, bò sa chrò: dark-haired dusky girl with the cow in the fold; bò dhonn bheadarach: playful brown cow; a bhligheadh am bainne dhut: who would give you milk; mo ghealag: my fair one; [tha] na h-eòin air tighinn, cluinneam an ceòl: the birds have come, let’s hear their music; nach eil ann am bith an-diugh: which is no longer extant; eun-mara a chaidh à bith ann am meadhan an naoidheamh linn deug: a seabird which went out of existence in the middle of the nineteenth century.
Puing-chànain na Litreach: thàinig na gugachan : the gannets came [have come]. The form of the verb Alexander Carmichael used was actually thàine, not thàinig. Such a form is known dialectally, and also in poetic usage.
Gnathas-cainnt na Litreach: an colbhaiche a bh’ ann romham : the columnist who preceded me.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 709
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn