FaclairDictionary EnglishGàidhlig

8: Èirig Fhinn 8: Èirig Fhinn (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Èirig Fhinn (1)

Gaelic Gàidhlig

Ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a h-ochd (1888) chaidh pàipear a leughadh aig coinneamh de Chomunn Gàidhlig Inbhir Nis. Sgrìobh an t-Urramach Iain MacGriogair Caimbeul am pàipear. Bha Mgr Caimbeul na mhinistear ann an Tiriodh. Chruinnich e beul-aithris.

’S e an tiotal a th’ air a’ phàipear Fionn’s Ransom. ’S e seann sgeulachd a th’ ann. Fhuair am ministear an sgeulachd ann an Tiriodh. Fhuair e bho Iain MacIlleDhuinn i. ’S e an tiotal a th’ air an sgeulachd Èirig Fhinn. Tha sin a’ ciallachadh Fionn’s Ransom no Fionn’s Reparation. Seo an sgeulachd. Tha mi ga dèanamh goirid agus sìmplidh.

Là a bha seo, chaidh Fionn agus a cho-dhaltan don bheinn. Tha co-dhalta a’ ciallachadh foster-brother. Bha triùir cho-dhaltan aige. ’S iad na h-ainmean a bh’ orra an Ridire Dearg, Ridire a’ Chùirn agus Ridire a’ Chlaidheimh. Bha iad còmhla air cnoc.

Thuirt Ridire a’ Chlaidheimh, “An robh fear ann a-riamh a rinn tàir air Fionn Mac Cumhail?”

Gu h-obann, thàinig marcaiche às an àird an iar-thuath. Bha e air each dubh. Bhuail e Fionn mun bheul. Chuir e sia fiaclan a-mach.

Thuirt na co-dhaltan gu robh iad a’ dol a dh’fhaighinn “Èirig Fhinn”. Chaidh iad don chladach. Bha long aca air a’ chladach. Chunnaic iad fear beag a’ tighinn faisg. Chuir iad fàilte air. Bha am fear beag ag iarraidh falbh còmhla riutha. Ach dhiùlt iad e.

Chaidh am fear beag gu Fionn. Leig Fionn leis dhol air bòrd. “’S fheàrr thu na clach co-dhiù,” thuirt Fionn. Chuir iad an long gu muir. Thog iad na siùil. Rinn iad cùrsa gu Rìoghachd nam Fear Mòra.

Chaidh dà là seachad aig muir. Dh’iarr Fionn air a cho-dhaltan dhol suas an crann. Bha e ag iarraidh faighinn a-mach an robh iad faisg air tìr. Chaidh na co-dhaltan suas pìos agus thill iad. Thuirt iad nach fhaca iad tìr. Cha robh dad ann ach muir is adhar.

Dh’èirich am fear beag. Leum e suas gu bàrr a’ chrainn. Nuair a thill e, thuirt e ri Fionn, “Cum romhad mar a tha thu.”

An làrna-mhàireach ràinig iad Rìoghachd nam Fear Mòra. Bha iad anns a’ chala. Ach cha d’ fhuair iad gu tìr. Bha trì gathan teinnteach a’ dol timcheall a’ chala. Chuir am fear beag sgiath air a làimh chlì agus sgiath air a làimh dheis. Leum e gu tìr. Agus innsidh mi dhuibh dè thachair an uair sin an ath-sheachdain.

Faclan is abairtean: chaidh pàipear a leughadh aig coinneamh de Chomunn Gàidhlig Inbhir Nis: a paper was read at a meeting of the Gaelic Society of Inverness; an t-Urramach Iain MacGriogair Caimbeul: Rev. John Gregorson Campbell; bha Mgr Caimbeul na mhinistear ann an Tiriodh:Mr Campbell was a minister in Tiree; ’s e seann sgeulachd a th’ ann: it is an old story; tha mi ga dèanamh goirid agus sìmplidh: I am making it short and simple; chaidh Fionn agus a cho-dhaltan don bheinn: Fionn and his foster-brothers went to the mountain; ’s iad na h-ainmean a bh’ orra X, Y agus Z: their names were X, Y and Z; Ridire a’ Chùirn agus Ridire a’ Chlaidheimh: The Knight of the Cairn and the Knight of the Sword; còmhla air cnoc: together on a hill; an robh fear ann a-riamh a rinn tàir air Fionn?: was there ever a man who derided Fionn?; gu h-obann: suddenly; thàinig marcaiche às an àird an iar-thuath: a rider came out of the north-west; bhuail e Fionn mun bheul: he hit Fionn on the mouth; chuir e sia fiaclan a-mach: he put out three teeth; gu robh iad a’ dol a dh’fhaighinn “Èirig Fhinn”: that they were going to get “Fionn’s Reparation”; bha long aca air a’ chladach: they had a ship on the shore; bha am fear beag ag iarraidh falbh còmhla riutha: the wee man wanted to leave with them; dhiùlt iad e: they refused him; leig Fionn leis dhol air bòrd: Fionn let him go on board; ’s fheàrr thu na clach co-dhiù:you are better than a stone [ie ballast] anyway; thog iad na siùil: they raised the sails; rinn iad cùrsa gu Rìoghachd nam Fear Mòra: they made a course for the Kingdom of the Big Men; suas an crann: up the mast; bha e ag iarraidh faighinn a-mach an robh iad faisg air tìr: he wanted to find out if they were close to land; cha robh dad ann ach muir is adhar: there was nothing there but sea and air; leum e suas gu bàrr a’ chrainn: he leapt up to the top of the mast; cum romhad mar a tha thu: keep going [ahead of you] as you are; an làrna-mhàireach: next day; bha trì gathan teinnteach a’ dol timcheall a’ chala: three fiery darts were going around the harbour; chuir am fear beag sgiath air a làimh chlì agus sgiath air a làimh dheis: the wee man put a shield on his left hand and a shield on his right hand; innsidh mi dhuibh dè thachair: I will tell you what happened.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 312

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile