FaclairDictionary EnglishGàidhlig

67: The Frasers of Lovat 67: Clann ’ic Shimidh

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Clann ’ic Shimidh

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Bhlàr na Lèine an t-seachdain sa chaidh. Bha sin aig ceann Loch Lòchaidh ann an còig ceud deug, ceathrad ’s a ceithir (1544). Bha na Frisealaich an sàs ann. Chaill iad mòran dhaoine anns a’ bhatail.

Tha na Frisealaich inntinneach. Thàinig iad a dh’Alba bhon Fhraing. Bha sin mu naoi ceud bliadhna air ais.

Agus tha lus inntinneach air an t-suaicheantas aca. Tha lus co-cheangailte ri gach cinneadh. ’S e an lus a tha co-cheangailte ris na Frisealaich – an sùbh-làir. Dè tha sùbh-làir a’ ciallachadh? The ground-berry. Is dè a’ Bheurla a th’ air sùbh-làir? Strawberry. Agus ’s e sùbh-craoibh a’ Ghàidhlig air raspberry.

Co-dhiù, bha an sùbh-làir air suaicheantas nam Frisealach anns an treas linn deug. Ach carson? Uill, seo stòiridh bho bheul-aithris. Agus cuimhnichibh gur e Fraser a th’ orra ann am Beurla.

Tha Fraser co-cheangailte ris an fhacal fraise ann am Fraingis. Tha fraise a’ ciallachadh sùbh-làir. Tha na tartes aux fraises anns an Fhraing uabhasach math.

Bha fear Frangach ann air an robh Julius de Berry. Bha e a’ cur sùbhaichean-làir don rìgh. Bha an rìgh uabhasach toilichte. Dh’òrdaich an rìgh dha ainm atharrachadh gu Fraise. Agus dh’òrdaich e dha sùbhaichean-làir a chur air a shuaicheantas.

Tha cuid ag ràdh gur e Fraissier an t-ainm a thagh an rìgh. Tha sin a’ ciallachadh “fear a bhios a’ giùlain sùbhaichean-làir.” Fraissier. Tha e coltach ri Fraser, nach eil? Uaireigin às dèidh sin, dh’fhalbh feadhainn de na Fraissiers a dh’Alba.

Tha an stòiridh glè laghach. Ach a bheil e fìor? Tha amharas agam nach eil. Tha e stèidhichte air an ainm ann am Beurla. Ach ’s e Friseal an t-ainm a th’ orra ann an Gàidhlig. Chan eil Friseal is fraise cho coltach ri chèile, a bheil?

Tha cuid ag ràdh gur e de Freselieres an t-ainm a bh’ air na Frangaich a thàinig a dh’Alba. De Freselieres. Chuir na Gàidheil Friseal orra, is chuir luchd na Beurla Fraser orra. Tha sin nas coltaiche, nach eil? Ach chan eil càil agam an aghaidh sùbhaichean-làir. Chan eil càil nas fheàrr na sùbhaichean-làir ann am bobhla le uachdar air latha teth samhraidh.

Faclan is abairtean: mu Bhlàr na Lèine an t-seachdain sa chaidh: about the Battle of the Shirts last week; aig ceann Loch Lòchaidh:at the head of Loch Lochy; chaill iad mòran dhaoine: they lost many men; thàinig iad a dh’Alba bhon Fhraing: they came to Scotland from France; air ais: ago (back); air an t-suaicheantas aca: on their [clan] badge; a tha co-cheangailte ris na Frisealaich: which is connected to the Frasers; sùbh-làir: strawberry; sùbh-craoibh: raspberry; cuimhnichibh gur e Fraser a th’ orra ann am Beurla: remember [pl.] that it is Fraser they are called [that is on them] in English; co-cheangailte ris an fhacal: connected to the word; tha na tartes aux fraises anns an Fhraing uabhasach math: the strawberry tarts in France are very good; bha fear Frangach ann air an robh: there was a Frenchman called [on whom was]; dh’òrdaich an rìgh dha [a] ainm atharrachadh: the king ordered him to change his name; dh’òrdaich e dha sùbhaichean-làir a chur air a shuaicheantas: he ordered him to put strawberries on his [family] crest/badge; tha cuid ag ràdh: some people say; gur e X an t-ainm a thagh an rìgh: that it is X the name that the king chose; fear a bhios a’ giùlain sùbhaichean-làir: a strawberry carrier; uaireigin às dèidh sin: sometime after that; dh’fhalbh feadhainn a dh’Alba: some left for Scotland; glè laghach: rather nice; tha amharas agam nach eil: I suspect not; stèidhichte air: based on; chuir na Gàidheil Friseal orra: the Gaels called them Friseal [the Gaels put Friseal on them]; tha sin nas coltaiche: that’s more likely; chan eil càil agam an aghaidh sùbhaichean-làir: I have nothing against strawberries; chan eil càil nas fheàrr: there’s nothing better; ann am bobhla le uachdar: in a bowl with cream; air latha teth samhraidh: on a hot summer’s day.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 371

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile