51: Charles MacKay (4) 51: Teàrlach MacAoidh (4)
Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.
Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Teàrlach MacAoidh (4)
Anns na seasgadan dhen naoidheamh linn deug, bha Teàrlach MacAoidh ann an New York. Sgrìobh MacAoidh an leabhar The Gaelic Etymology of the Languages of Western Europe. Ann an New York, bha e ag aithris do phàipear-naidheachd ann an Lunnainn. Bha e ag aithris mun Chogadh Chatharra.
Bhris e naidheachd mhòr. B’ e sin gu robh buidheann de nàiseantaich Èireannach anns na Stàitean agus ann an Èirinn. Bha na nàiseantaich seo ag iarraidh ar-a-mach an aghaidh Bhreatainn. Bha na Fianna làidir anns na seasgadan. Bha na mìltean dhiubh ann.
Dh’fhalbh MacAoidh a dh’obair air a cheann fhèin. Bha e a’ sgrìobhadh do phàipearan-naidheachd is irisean. Bha ùidh aige ann an teangaireachd. ’S e sin an t-eòlas air cànanan agus an càirdeas eadar cànanan.
Bha MacAoidh a’ smaoineachadh gu robh freumhan Ceilteach aig mòran fhaclan ann an cànanan Eòrpach. Bha beachd inntinneach aige air na sèistean beaga ann an òrain ann am Beurla is Fraingis. Tha mi a’ ciallachadh le sin rudan mar fàl, là, là, fol de rol agus hey, nonnie, nonnie. Tha na rudan sin cumanta ann an òrain Ghàidhlig. Bha e a’ smaoineachadh gur e criomagan a bh’ annta de sheann òrain. Bha na draoidhean a’ seinn nan òran sin. Bha iad a’ seinn nan òran sin ris a’ ghrèin o chionn dà mhìle bliadhna.
Airson còig bliadhna rinn MacAoidh obair air an leabhar mhòr, The Gaelic Etymology. Chaidh an leabhar fhoillseachadh ann an Lunnainn ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a seachd (1877). Ach chaill MacAoidh airgead air.
Thug e òraid seachad turas aig Comunn Gàidhlig Inbhir Nis. Thuirt e gu robh sinnsearachd Ghàidhealach aige. Bha e moiteil às an t-sinnsearachd aige. Is thuirt e gu robh nàire air nach robh Gàidhlig aige.
An do rinn Teàrlach MacAoidh fàbhar don Ghàidhlig leis an leabhar aige? Chan eil mi cinnteach. Cha do rinn Alasdair MacBheathain iomradh sam bith air anns an fhaclair aige fhèin, An Etymological Dictionary of the Gaelic Language. Nochd faclair MhicBheathain cha mhòr fichead bliadhna às dèidh The Gaelic Etymology. Bha ùidh mhòr aig MacAoidh anns a’ chuspair, ceart gu leòr. Ach an robh an sgoilearachd aige math gu leòr? Chaochail e anns an Dùbhlachd ochd ceud deug, ochdad ’s a naoi (1889) ann an Lunnainn.
Faclan is abairtean: anns na seasgadan dhen naoidheamh linn deug: in the sixties of the 19th Century (ie the 1860s); Teàrlach MacAoidh: Charles Mackay; bha e ag aithris do phàipear-naidheachd ann an Lunnainn: he was reporting for a newspaper in London; mun Chogadh Chatharra: about the Civil War; bhris e naidheachd mhòr: he broke [a] big news [story]; gu robh buidheann de nàiseantaich Èireannach anns na Stàitean: that there was a group of Irish nationalists in the States; ag iarraidh ar-a-mach an aghaidh Bhreatainn: they wanted a revolution against Britain; bha na mìltean dhiubh ann: there were thousands of them; dh’fhalbh MacAoidh a dh’obair air a cheann fhèin: Mackay left to work for himself [this idiom means literally to work “on his own head”]; irisean: periodicals; bha ùidh aige ann an teangaireachd: he was interested in philology; an t-eòlas air cànanan agus an càirdeas eadar cànanan:the knowledge of [on] languages and the relationship between languages; gu robh freumhan Ceilteach aig mòran fhaclan ann an cànanan Eòrpach: that many words in European languages had Celtic roots; na sèistean beaga: the little choruses, vocables; gur e criomagan a bh’ annta de sheann òrain: that they were fragments of old songs: bha na draoidhean a’ seinn nan òran sin: the druids were singing those songs; ris a’ ghrèin o chionn dà mhìle bliadhna: to the sun two thousand years ago; chaidh an leabhar fhoillseachadh ann an Lunnainn:the book was published in London; chaill MacAoidh airgead air: Mackay lost money on it; thug e òraid seachad turas: he gave a lecture one time; bha e moiteil às an t-sinnsearachd aige: he was proud of his ancestry; fàbhar: favour; cha do rinn Alasdair MacBheathain iomradh sam bith air: Alexander Macbain made no reference to it; anns an fhaclair aige fhèin:in his own dictionary; nochd faclair MhicBheathain cha mhòr fichead bliadhna às dèidh:Macbains’ dictionary appeared almost twenty years after; sgoilearachd: scholarship; chaochail e anns an Dùbhlachd: he died in December.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 355
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn