4: Mellon Charles and Mellon Udrigle 4: Mellon Charles agus Mellon Udrigle
Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.
Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Mellon Charles agus Mellon Udrigle
A bheil sibh eòlach air sgìre Gheàrrloch? Ann an sgìre sin tha dà bhaile le ainmean annasach. Tha “Mellon” anns na h-ainmean aca. Is iad sin Mellon Charles agus Mellon Udrigle. Dà bhaile air a’ chladach. Ach, carson a tha Mellon anns na h-ainmean aca? A bheil measan tropaigeach a’ fas ann? Air cladach na Gàidhealtachd? Chan eil, gu dearbh. Tha i ro fhuar ann an Alba airson measan tropaigeach!
A bheil sibh eòlach air an fhacal meall? Tha e a’ ciallachadh “hill”. Ach dè tha meallan a’ ciallachadh? Uill, tha fios agaibh gu bheil lochan a’ ciallachadh “loch beag”. Tha leabhran a’ ciallachadh “leabhar beag”. Agus tha meallan a’ ciallachadh “meall beag” –little hill. Thàinig an t-ainm Mellon Charles bhon Ghàidhlig Meallan Theàrlaich. Tha sin a’ ciallachadh “am Meall Beag aig Teàrlach” – Charles’s Little Hill. Meallan Theàrlaich.
Cò bh’ ann an Teàrlach? Bha e na leth-bhràthair do dh’uachdaran Gheàrrloch. Bha seo o chionn ùine mhòr. Fhuair Teàrlach fearann faisg air a’ chladach. Agus thug e an t-ainm aige don àite – Meallan Theàrlaich.
Ach dè mu dheidhinn Mellon Udrigle? ’S e sin Meallan Udraigil ann an Gàidhlig. Tha Udraigil a’ tighinn bhon Lochlannais. Tha e a’ ciallachadh “clais”. Agus tha Meallan a’ ciallachadh “meall beag”, nach eil? The Little Hill of Udrigle no The Little Hill of the Cleft.
Uill, ’s dòcha. Ach ’s dòcha nach eil e cho sìmplidh sin. Air a’ mhap, tha cnoc ann air a bheil “Meallan Udrigill”. Agus tha baile ann cuideachd air a bheil “Mellon Udrigle”. Ach chan eil an cnoc agus am baile anns an aon àite. Tha iad dà mhìle air falbh o chèile.
Tha mi eòlach air fear às an sgìre sin. Thuirt e seo rium: “Dh’innis bodach dhomh nach e Meallan a bh’ ann an ainm a’ bhaile, ach Mealbhan. Tha mealbhan a’ ciallachadh ‘sand dunes’.”
Chaidh mi gu faclair Dwelly. Agus tha am facal mealbhan anns an fhaclair. Tha e a’ ciallachadh “stretch of sand dunes with sea-bent growing on them.” Tha e a’ ciallachadh sin ann an Ros an Iar, co-dhiù. Agus sin mar a tha ann am Meallan Udraigil. Tha am baile air a’ chladach. Tha dùin-ghainmhich ann. Agus tha muran a’ fàs air na dùin-ghainmhich. Mar sin, ’s dòcha gur e Mealbhan Udraigil an t-ainm ceart air a’ bhaile ann an Gàidhlig.
Faclan is abairtean: a bheil sibh eòlach air sgìre Gheàrrloch?: do you know the Gairloch area?; tha dà bhaile le ainmean annasach: there are two villages with unusual names; a bheil measan tropaigeach a’ fas ann?: do tropical fruits grow there?; chan eil, gu dearbh: certainly not; tha i ro fhuar ann an Alba: it is too cold in Scotland; tha fios agaibh gu bheil lochan a’ ciallachadh “loch beag”: you know that lochan means “a small loch”; cò bh’ ann an Teàrlach?: who was Charles?; bha e na leth-bhràthair do dh’uachdaran Gheàrrloch: he was a half-brother of the Laird of Gairloch; bha seo o chionn ùine mhòr: this was a long time ago; fhuair Teàrlach fearann faisg air a’ chladach: Charles obtained land close to the coast; dè mu dheidhinn?: what about?; tha X a’ tighinn bhon Lochlannais: X comes from the Norse [language]; ’s dòcha nach eil e cho sìmplidh sin: perhaps it is not that simple; chan eil an cnoc agus am baile anns an aon àite: the hill and the village are not in the same [one] place; tha iad dà mhìle air falbh o chèile: they are two miles away from each other; tha mi eòlach air fear às an sgìre sin: I know a man from that area; thuirt esan seo rium: he said this to me; dh’innis bodach dhomh: an old man told me; nach e Meallan a bh’ ann an ainm a’ bhaile, achMealbhan: that the name of the village was not Meallan, but Mealbhan; chaidh mi gu faclair Dwelly:I went to Dwelly’s dictionary; ann an Ros an Iar, co-dhiù: in Wester Ross, at least; tha muran a’ fàs air na dùin-ghainmhich:marram grass (bent) grows on the sand dunes; mar sin, ’s dòcha gur e Mealbhan Udraigil an t-ainm ceart air a’ bhaile ann an Gàidhlig: thus, perhaps Mealbhan Udraigil is the correct name for the village in Gaelic.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 308
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn