137: The November Assembly 137: Oireachtas na Samhna
Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.
Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Oireachtas na Samhna
Bha mi ann an Èirinn o chionn mìos. Bha mi aig an Oireachtas. ’S e sin fèill mhòr nan Gàidheal. Tha e rudeigin coltach ris a’ Mhòd ann an Alba.
Bha an t-Oireachtas ann an Cathair na Mart. ’S e Cathair na Mart, no Westport, baile beag ann an Contae Mhaigh Eo. Tha sin air taobh an iar na dùthcha. ’S e baile beag brèagha a tha ann.
Às dèidh an Oireachtais chaidh mi fhìn agus a’ bhean agam air cuairt anns a’ chàr. Thuirt tè o chionn deich bliadhna gur e Contae Mhaigh Eo an t-àite as brèagha ann an Èirinn. Tè ann an àrd-dhreuchd. Cò bha innte? Cò, ach Màiri Robinson. B’ ise Uachtaráin – Ceann-suidhe – Poblachd na h-Èireann aig an àm. Rinn mi agallamh leatha ann an Gàidhlig airson Radio nan Gàidheal. Bha ise a’ bruidhinn ann an Gaeilge. Bha i ann an Alba, a’ comharrachadh bàs Chaluim Chille ann an còig ceud, naochad ’s a seachd (597).
A’ leantainn moladh Màiri, chaidh mi fhìn agus a’ bhean agam timcheall pàirtean de Chontae Mhaigh Eo. Chaidh sinn air rathad air an taobh an iar. Chaidh e gu deas air baile air a bheil Louisburgh. Ann an Gaeilge, ’s e Cluain Cearbán an t-ainm a tha air – buttercup meadow. Nach eil sin nas snoige na Louisburgh?!
Cha do stad sinn anns a’ bhaile. Chaidh sinn air an rathad gu deas. Tha an rathad a’ dol ri taobh loch air a bheil an Dubh Loch. ’S e àite garbh, brèagha a tha ann. Tha e car coltach ri Gàidhealtachd na h-Alba. Faisg air an Dubh Loch chunnaic sinn carragh-cuimhne. Bha e ri taobh an rathaid.
Stad sinn an càr. Sgrìobhte air a’ charragh-chuimhne – ann am Beurla – bha seo: To commemorate the hungry poor who walked here in 1849 and walk the third world today. Bha e a’ cuimhneachadh earrann bho eachdraidh na Gorta Mòire. Air an taobh eile bha seo: “In 1991 we walked AFRI's great famine walk at Doolough and soon afterwards we walked the road to freedom in South Africa”: Archbishop Desmond Tutu.
Bha mi ag iarraidh tuilleadh fhaighinn a-mach mu na thachair faisg air an Dubh Loch. Agus innsidh mi dhuibh na dh’ionnsaich mi an ath-sheachdain.
Faclan is abairtean: o chionn mìos: a month ago; fèill mhòr nan Gàidheal: the great festival of the Gaels; rudeigin coltach ri: somewhat like; Contae Mhaigh Eo: County Mayo; taobh an iar na dùthcha: the west side of the country; chaidh mi fhìn agus a’ bhean agam air cuairt anns a’ chàr: my wife and I went on a trip in the car; thuirt tè o chionn deich bliadhna: ten years ago a lady said; an t-àite as brèagha:the most beautiful place; ann an àrd-dhreuchd: in high office; cò bha innte?: who was she?; Ceann-suidhe Poblachd na h-Èireann: President of the Irish Republic; a’ comharrachadh bàs Chaluim Chille: commemorating the death of St Columba [1400 years previously]; a’ leantainn moladh Màiri: following/obeying Mary’s recommendation; nach eil sin nas snoige na?: isn’t that nicer than?; cha do stad sinn: we didn’t stop; ri taobh loch: beside a loch; chunnaic sinn carragh-cuimhne: we saw a memorial; sgrìobhte: written; ag iarraidh tuilleadh fhaighinn a-mach: wanting to find out more; mu na thachair: about what happened; innsidh mi dhuibh na dh’ionnsaich mi: I’ll tell you what I learned.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 441
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn