Saying what you’re doing Ag innse dè tha thu a’ dèanamh
PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Eilidh | Halò. Granaidh? O, haidh. Ciamar a tha sibh an-diugh? Dè tha dol? Mise? Ò, chan eil mi trang. Tha mi dìreach a’ coimhead air an telebhisean. Tha, tapadh leibh. Tha. Chan eil. Chan eil Eòghann aig an taigh an-dràsta. Tha e a’ snàmh. Tha Eòghann a’ snàmh. Tha. Tha Dadaidh a’ càradh a’ chàir. Tha. Tha Mamaidh aig an taigh. Tha i shuas an staidhre a’ peantadh. A Mhamaidh! A Mhamaidh, trobhadaibh! | Hello. Granny? Oh, hi. How are you today? What’s happening? Me? Oh, I’m not busy. I’m just watching television. Yes, thank you. Yes. No. Ewan isn’t at home just now. He’s swimming. Ewan is swimming. Yes. Dad is fixing the car. Yes. Mum is at home. She’s upstairs painting. Mum! Mum, come! |
Màiri-Anna | Eilidh! Tha mi trang! Tha mi a’ peantadh! Halò? O halò, Granaidh. Dè tha dol? Ò, tha. Tha mi gu math trang, a’ peantadh shuas an staidhre. Tha mi trang a’ peantadh. ’S ciamar a tha sibh fhèin an-diugh? Chan eil, a ghràidh. Tha Iain a’ càradh a’ chàir an-dràsta. A’ càradh a’ chàir! Tha ... ceart ma-thà! Mar sin leibh an-dràsta. | Helen! I’m busy! |
Eilidh | A Mhamaidh? | Mum? |
Màiri-Anna | Dè, Eilidh? Tha mi trang! | What, Helen? I’m busy! |
Eilidh | A bheil Granaidh ceart gu leòr? | Is Granny ok? |
Màiri-Anna | Tha! Carson? | Yes! Why? |
Eilidh | Chan eil fhios agam. | I don’t know. |
Eilidh | Siuthadaibh, a Dhadaidh. Neoni, trì, a h-aon, trì, trì, seachd, còig, neoni, dhà, seachd. | On you go, Dad. Zero, three, one, three, three, seven, five, zero, two, seven. |
Iain | Eh? | Eh? |
Eilidh | Granaidh. | Granny. |
Iain | Ò, Eilidh. Tha mi sgìth an-dràsta. | Oh, Helen. I’m tired right now. |
Eilidh | Granaidh bhochd. Tha Dadaidh sgìth agus tha Mamaidh trang. | Poor Granny. Dad’s tired and Mum’s busy. |
Màiri-Anna | Halò, Eilidh. Dè tha dol? | Hello, Helen. What’s up? |
Eilidh | Tha mi a’ nighe nan soithichean. | I’m washing the dishes. |
Màiri-Anna | Ò, Eilidh. Eilidh, a ghràidh. Mòran taing. Iain! Dè tha thu a’ dèanamh? | Oh, Helen. Helen, dear. Thank you so much. John! What are you doing? |
Iain | Tha mi ag èisteachd ris an rèidio. | I’m listening to the radio. |
Màiri-Anna | Iain. Tha sinn a’ dol a-mach a-nochd. | John. We’re going out tonight. |
Iain | Ò mo chreach! Cha robh cuimhne agam. | Oh my goodness! I had forgotten. |