Describing locations Ag innse far a bheil rudan
PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Deliverer | Comunn na Gàidhlig. Sràid Mansfield. Gabhaibh mo leisgeul. A bheil fhios agaibh càit a bheil oifis Comunn na Gàidhlig? | Comunn na Gàidhlig. Mansfield Street. Excuse me. Do you know where Comunn na Gàidhlig’s office is? |
Woman | Comunn na Gàidhlig? Saoil a bheil i os cionn bùth a’ bhèiceir? Thall an sin? | Comunn na Gàidhlig? I wonder if it is above the baker’s shop? Over there? |
Deliverer | Chì mi. Tapadh leibh. | I’ll see. Thank you. |
Woman | ’S e ur beatha. | You’re welcome. |
Deliverer | A bheil oifis Comunn na Gàidhlig faisg air an seo? | Is Comunn na Gàidhlig’s office near here? |
Woman 2 | Tha. Tha i faisg air an seo gun teagamh. | Yes. It’s definitely near here. |
Deliverer | A bheil fhios agaibh càit a bheil i? | Do you know where it is? |
Woman 2 | Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil i shìos aig ceann an rathaid, os cionn bùth nam pàipearan. | I think that it’s down at the end of the road, above the newsagent. |
Deliverer | Tapadh leibh. Chan eil i os cionn bùth nam pàipearan idir. An innis sibh dhomh? A bheil oifis Comunn na Gàidhlig air an t-sràid seo? | Thank you. It isn’t above the newsagent at all. Can you tell me? Is Comunn na Gàidhlig’s office on this street? |
Woman 3 | Tha. | Yes. |
Deliverer | Càit a bheil i? | Where is it? |
Woman 3 | A bheil thu a’ faicinn a’ mhotar-baidhg sin? | Do you see that motorbike there? |
Deliverer | Tha. | Yes. |
Woman 3 | Tha am motar-baidhg air beulaibh na h-oifis. | The motorbike is in front of the office. |
Deliverer | Tapadh leibh. | Thank you. |